Spotlight: ficsean Gàidhlig

Gaelic-Books-Council

Cò, càite, dè is carson.

Tha sgrìobhadh agus foillseachadh sa Ghàidhlig beò is beothail san 21mh linn. Bidh taighean-foillseachaidh air a’ Ghaidhealtachd mar Acair, Clàr agus Sandstone Press a’ foillseachadh ficsean ùr agus tha sinn air ath-bheothachadh fhaicinn a thaobh rosg Gàidhlig sna 15 bliadhna a dh’fhalbh, air a bhrosnachadh le Comhairle nan Leabhraichean ann an Glaschu. Tha sgrìobhadairean ùra cuideachd a’ faighinn taic agus chothroman leasachaidh bho Urras Leabhraichean na h-Alba.

’S mathaid gu bheil sibh eòlach air na leabhraichean

B’e Ath-Aithne le Màrtainn Mac an t-Saoir a’ chiad leabhar san t-sreath Ùr-sgeul, a dh’fhoillsich Clàr ann an 2003, agus lean iomadh leabhar eile às a dhèidh, leithid An Oidhche Mus do Sheòl Sinn le Aonghas Pàdraig Caimbeul agus Shrapnel le Tormod Caimbeul, a chaidh a chur air an àrd-ùrlar bho chionn ghoirid ann an riochd-dràma le nighean Thormoid, Catrìona Lexy Chaimbeul.

Dè tha sònraichte mun deidhinn?

Tha dualchas sònraichte againn sa Ghàidhlig a thaobh bàrdachd, òran agus beul-aithris, ach cha robh mòran nobhailean ann mus do thòisich iomairt Ùr-sgeul. Tha sgrìobhadairean a-nis a’ togail air an litreachas nan linntean a dh’fhalbh airson sgeulachdan ùra innse ann an nòs ùr mun t-saoghal sa bheil sinn beò.

Cliù agus ainm

Fhuair Tim Armstrong duais Saltire airson Air Cuan Dubh Drilseach, a’ chiad leabhar sci-fi sa Ghàidhlig. Leabhar na Bliadhna 2015. Tha an sreath Lasag aig Sandstone Press a’ tabhann nobhaileagan ùra do luchd-ionnsachaidh agus inbhich òga agus ag amas air sgilean leughaidh agus litearachd a bhrosnachadh, agus bidh na foillsichearan uile a’ feuchainn ri gnèithean-litreachais ùra a thoirt a-steach airson freagairt ris na tha leughadairean an litreachais ùir ag iarraidh.

An t-àm ri teachd

Tha ginealach ùr de sgoilearan a tha air fàs suas le foghlam tro mheadhan na Gàidhlig. Bidh iad ag iarraidh leabhraichean tarraingeach, ach bidh iad cuideachd ag iarraidh sgeulachdan ann an cruthan eile – leabhraichean grafaig, dràma, geamaichean agus stuth air-loidhne – agus tha iomadh sgeul aig na sgrìobhadairean fhathast ri innse.

Tagged ,

Leave a Reply

Your email address will not be published. Required fields are marked *