Publisher spotlight: Acair

As part of #ScotLitFest, we’re hoping to shine a spotlight on not just the authors, but the publishers in Scotland with a five point guide. Today, we’ll be looking at Acair.

Acair logo

Cò, càite, dè is carson.
‘S e companaidh foillseachaidh a th’ ann an Acair, a’ foillseachadh leabhraichean Gàidhlig, Beurla, agus da-chànanach. Tha Acair stèidhichte ann an Steòrnabhagh air Eilean Leòdhais; a’ toirt dhuinn bunait làidir air feadh nan Eilean Siar air fad, agus gar fàgail ann an suidheachadh nas treise a thaobh a’ Ghàidhlig, a tha fhathast mar phrìomh chànan an seo. Thòisich Acair le bhith a’ dèanamh leabhraichean chloinne ann an 1977, nuair a thòisich foghlam tro meadhan na Gàidhlig.

`S mathaid gu bheil sibh eòlach air na leabhraichean…
Tha cuid de na tiotalan againn a-nis air am faicinn mar fìor leabhraichean clasaigeach. Tha leabhraichean Spàgan air a bhith rim faighinn aig Acair airson iomadh bliadhna, agus `s iomadh duine cloinne a chaidh tron sgoil gan leughadh. Le deilbh tarraingeach Quentin Blake, a tha ainmeil airson an obair aige le Roald Dahl, tha fios gum bi iarrtas air na leabhraichean-sa gu bràth.

Dè tha annasach mun deidhinn?
Tha Acair ag obair air leabhraichean chloinne le iomadach foillsichear eile; tha seo a’ ciallachadh gu bheil sàr thiotalan, a tha fios againn a chòrdas ri clann, a-nis rim faighinn ann an Gàidhlig. Tha leabhraichean againn bho leithid Julia Donaldson agus Oliver Jeffers, agus bidh a’ chuid as motha dhiubh seo a’ dol gu clann-sgoile tro sgeama co-irisean.

Cliù agus Ainm Acair
Chan e a-mhàin na leabhraichean chloinne aig Acair a tha còrdadh ri daoine. Tha sàr leabhraichean do dh’inbhich rim faighinn, cuid dhuibh sin air duaisean a chosnadh. Bha fèill mhòr air leabhar a bha air fhoillseachadh ann an 2014, ‘Dol Fodha ne Grèine / The Going Down of the Sun’, a bha air ainmeachadh air geàrr-liosta Dhuaisean Saltire airson Leabhar na Bliadhna 2015. Tha leabhraichean bàrdachd, ficsean, eachdraidh is ceòl uile rim faighinn aig Acair.

An t-àm ri teachd
Tha mòran fhathast ri thighinn bho Acair am bliadhna seo, le leabhar bàrdachd ùr ‘Crotal Ruadh’ a’ tighinn san t-samhradh, leabhar chloinne ‘Teàrlag agus a’ Bhana-bhuidseach’ ri fhaighinn an ath mhìos, agus iomadh tiotal eile. Tha sinn ag ullachadh mu choinneamh 2018 nuair a bhitear a’ cuimhneachadh ceud bliadhna bho chailleadh an Iolaire, agus bi Acair a’ foillseachadh leabhar sònraichte a’ comharrachadh an àm dubhach seo.

www.acairbooks.com | Twitter, Facebook

Tagged , ,

Leave a Reply

Your email address will not be published. Required fields are marked *