Cò na 5 Nobhailean Gàidhlig as Cudromaiche?

Gaelic-5

Tha fhios nach e an Nobhail Ghàidhlig an gnè litreachais as motha fèill neo as farsainge leughte aig luchd-leughaidh na Gàidhlig air iomadh adhbhar (seach bàrdachd neo an sgeulachd ghoirid), ach nuair a thathar a’ bruidhinn air canon litreachais, .i. na leabhraichean as buadhmhoire san dualchas litreachail, tha nobhailean tric mar stèidh ann. (Tha ceist ann a bheil sin freagarrach oirnn ann an saoghal na Gàidhlig – ach ’s dòcha airson latha eile).

A thuilleadh air sin, cuimhnich gu bheil a’ mhòr-chuid de nobhailean Gàidhlig gu math math òg fhathast: chaidh barrachd nobhailean fhoillseachadh sa chiad dheichead den 21mh linn na’n 20mh linn gu lèir.

Ach a dh’aindeoin sin nach stiall sin oirnn… cò na clasaigean Gàidhlig?

Dùn Àluinn (1912), Iain MacCormaic

Ged nach e Dùn Àluinn an leabhar Gàidhlig as fhèarr a chaidh a sgrìobhadh a-riamh – seadh, fada bhuaithe agus lèirmheasaichean leithid MhicIlleDhuibh agus MhicThòmais ga dhì-moladh gu mòr, tha e na shuidhe mar thòiseachd-tòiseachdainn ann an nobhailean Gàidhlig. Foillsichte ann an 1912, ’s e seo a’ chiad nobhail Ghàidhlig a chiadh fhoillseachadh a-riamh (ged a tha beagan connspaid ann a-rèir cò an nobhail a chaidh a sgrìobhadh an tòiseachd). Mar sin, a dh’aindeoin seachran is faondradh na sgeòil, feumaidh gu bheil seo a-staigh sa chanon Ghàidhlig?

An t-Aonaran (1976), Iain Mac a’ Ghobhainn

’S e nobhail car goirid tha seo – chaidh an tionndadh Beurla dheth fhoillseachadh mar sgeulachd ghoirid (The Hermit and other short stories). Agus ann an rosg lom Mhic a’ Ghobhainn, tha e gu math furasta a leughadh. (Nach mi bha toilichte nuair nach d’fhuair mi ach seo ri leughadh ann an clas san oilthigh.) ’S ann mu aonaran a tha tighinn gu baile beag eileanach a tha An t-Aonaran, air innse tro shùilean seann mhaighstir-sgoile, Teàrlach. Ach, le smuaintean Thèarlach a’ sìor-chnuasachadh aonaranachd, tha a’ cheist ga togail: cò e dha-rìreabh a tha aonranach?

Deireadh an Fhoghair (1979), Tormod Caimbeul

Aon de na nobhailean as fhèarr leam tha seo – bha mi ga leughadh aig deireadh an fhoghair ann an Uibhist an-uiridh. ’S ann mu bhaile beag eileanach (a bheil tèama coitcheann do nobhailean Gàidhlig tha seo?) a tha a’ bàsachadh, agus an triùir Ghàidheal mu dheireadh a th’ air fhàgail. Tha e a’ tachairt thar latha is oidhche ann an saoghal làn beul-aithris, bàrdachd is cuimhneachan. Mar a tha fhios, bha Tormod, nach maireann, mar phàirt de theaghlach ainmeil ann an litreachas na Gàidhlig. Amhail mar as e Crè na Cille an nobhail Ghaeilge as fhèarr a th’ ann, ’s dòcha gur e DnF an tè as Gàidhealaiche?

An Oidhche Mus do Sheòl Sinn (2003), Aonghas Phàdraig Caimbeul

Dh’fhoillsicheadh an nobhail seo aig briseadh-fàire na sreath ‘Ùr-sgeul’, mar chomharra gun robh car eile fhathast air ruidhle litreachas na Gàidhlig. Tha an leabhar tomadach seo (a dhà fhaide na nobhail sam bith roimhe) a’ sìneadh thar ceud bliadhna ann an Uibhist (1913-2013), a’ tòiseachadh ro ghairm a’ Chogaidh Mhòir. Tha cleas inntinneach san leabhar gu bheil am briathrachas a’ tanachadh mar a tha an sgeul a’ dol air adhart, mar shamhail air an t-‘simpleachadh’ a tha air tighinn sa Ghàidhlig san linn a dh’fhalbh. Rugadh is thogadh Aonghas Phàdraig aig deireadh linne nuair a bha ceann a’ tighinn air an t-seann saoghal sin. Chaidh an nobhail seo a bhòtadh leis a’ mhòr-shluagh mar aon de na Prìomh-Dheich den 100 Leabhar as Fhèarr à Alba sna Orange/List Awards.

Air Cuan Dubh Drilseach (2013), Tim Armstrong

Bha e duilich fhèin dhomh an còigeamh leabhar a thaghadh, a bhith ag innse na fìrinne. Tha cus leabhraichean ro ‘òg’ airson a bhith nan ‘clasaig’, neo pàirt de ‘chanon litreachais na Gàidhlig’. Ged a tha corr is ceud bliadhna ann on a nochd a’ chiad nobhail Ghàidhlig, a bheil an gnè litreachais seo fhathast na òige?

Chan e ACDD a’ chiad nobhail mhath a sgrìobh neach-ionnsachaidh, neo a dh’fheuch ri Gàidhlig a chur gu àiteachan nach bu dual dhi, neo a bhog i ann an suidheachaidhean annasach nach faigh thu air a’ chruit. Ach roghnaich mi an nobhail seo air sgàth na h-iolaich a thog i am measg an dà chuid luchd-leughaidh na Gàidhlig agus luchd-leughadh na Beurla gu nàiseanta, gach brath-naidheachd ag àrdachadh ìomhaigh na Gàidhlig, gach bogadh-leabhair a’ dinneadh Gàidhlig air sràidean baile mòir. Chleachd am foillsichear CLÀR, le taic Chomhairle nan Leabhraichean, ACDD mar bhratach litreachail gus sealltainn gun robh beatha ann do rosg Ghàidhlig an dèidh do chrìoch a thighinn air ‘Ùr-sgeul’. Bha an leabhar seo cudromach air an dòigh sin – ged as e an ùine a dhearbhas dè cho seasmhach ’s a bhitheas a’ bhuil. Mas e seo litreachas na Gàidhlig na òige… seall dhomh an corr.

Tagged , , , , ,

1 thought on “Cò na 5 Nobhailean Gàidhlig as Cudromaiche?

  1. […] Cò na 5 Nobhailean Gàidhlig as Cudromaiche? Tha fhios nach e an Nobhail Ghàidhlig an gnè litreachais as motha fèill neo as farsainge leughte aig luchd-leughaidh na Gàidhlig air iomadh adhbhar (seach bàrdachd neo an sgeulachd ghoirid), ach nuair a thathar a’ bruidhinn air canon litreachais, .i. na leabhraichean as buadhmhoire san dualchas litreachail, tha nobhailean tric mar stèidh ann. (Tha ceist ann a bheil sin freagarrach oirnn ann an saoghal na Gàidhlig – ach ’s dòcha airson latha eile). […]

Leave a Reply

Your email address will not be published. Required fields are marked *